Skip to main content

Comataidh DCMS gus sgrùdadh slàinte is teachd-àm mhion-chànain

19 January 2023

’S e teachd-àm mion-chànain na Rìoghachd Aonaichte is àite an Riaghaltais ann a bhith nan taiceadh is leasachadh a tha fo phrosbaig sgrùdadh ùr leis a’ Chomataidh DCMS.

Meòraichidh BPan prìomh adhbharan son brosnachadh mion-chànain, dè na slatan-tomhais a bu chòir a bhith ann son buileachadh inbhe oifigeil, is ma tha leasanan ri ionnsachadh bho dhùthchannan eile far a bheil mòr-fhileantas ann am barrachd na aon chànan.

Cumhaichean iomraidh

Tha an Comataidh DCMS a’ cur fàilte air fianais sgrìobhte mu na ceistean a leanas ro 10 Màrt 2023.

  • Dè na prìomh factaran air a bheil brosnachadh mion-chànain stèidhichte?
  • Dè na leasanan as urrainn ionnsachadh bho dhùthchannan le sluaghan aig a bheil mòr-fhileantas ann an gach cuid mòr-chànan is mion-chànan tùsanach?
  • Dè na slatan-tomhais son taghadh am bu chòir mion-chànan inbhe oifgeil fhaighinn?
  • Dè an t-àite a bu chòir a bhith aig Riaghaltas na RA ann a bhith a’ taiceadh is a’ leasachadh mhion-chànain tùsanach?

’S urrainn fianais sgrìobhte a bhith air a chur a-steach ann am mion-chànan ach feumaidh eadar-theangachadh Beurla a bhith na chois.

Thuirt am Ball Urramach Damian Green BP, Cathraiche an Gnìomh Comataidh DCMS:

“Chluinneadh luchd-siubhail air turas tro Eileanan Bhreatainn o chionn ceud neo dhà bliadhna beartas chànain is dualchainntean bho Nòrnais san fhìor cheann a tuath gu Còrnais san iar-dheas. On uair sin tha sinn air fàs buileach aon-chànanach, ach se Albais, Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris, Albais Uladh is Còrnais fhathast pàirtean cudromach de chultar sgìreil, le feadhainn leithid Còrnais a’ dol tro phròiseas ath-bheòthachaidh. Bheir ar sgrùdadh sealladh air mar a tha a’ dol do mhion-chànain, am mair iad ann an saoghal fo bhuaidh na Beurla is dè an t-àite a bu chòir a bhith aig an Riaghaltas anns a’ ghlèidheadh is an leasachadh aca.”

Further information

Image: Parliamentary copyright